An Ròs


Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'
Na buain e ri'd mhairean oir nì e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith

Chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth
Gur brèagha 's gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth
Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan
'S leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth

Tha mi nis a' crìonadh is m'inntinn air phianadh
'S mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur
'S ged 's tric rinn mi gàire, tha sin nis air an fhaire
'S mo chridhe briste brùite, briste brùite gu leòr

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda
Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'
Na buain e ri'd mhairean oir nì e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith







Captcha
The Runrig An Ròs are brought to you by Lyrics-Keeper. You can use lyrics widget for karaoke. We tried to make lyrics as correct as possible, however if you have any corrections for An Ròs lyrics, please feel free to submit them to us. If you want to download this song in mp3 you can visit one of our music sponsors.